Loading

Roghainn Chuspairean annS an Sgoil Aithris “leugh luath” bho Chomataidh Foghlam agus Sgilean

Anns an Earrach 2019, thòisich Comataidh Foghlam agus Sgilean ann am Pàrlamaid na h-Alba air rannsachadh air roghainn chuspairean ann an àrd-sgoiltean, gu h-àraid gu dè ìre a tha roghainn chuspairean air a cumhangachadh agus carson a tha seo a' tachairt. Tha seo a’ leantainn air obair a rinneadh leis a’ Chomataidh roimhe ann an 2017 agus san t-Sultain 2018.

Ciamar a thional a’ Chomataidh beachdan agus barailean?

Chuir a’ Chomataidh a-mach gairm airson bheachdan, a bha a’ ruith bho 4 Gearran gus 4 Màrt, a bharrachd air suirbhidh goirid a bha air amas aig ceannardan sgoile, tidsearan, pàrantan agus daoine òga.

Stiùir Sgioba Ruigsinn Coimhearsnachd na Pàrlamaid trì bùithtean-obrach airson òigridh, far an robh na daoine òga a’ beachdachadh air mar a chaidh cùisean dhaibh le Roghainn Chuspairean anns an sgoil, agus chaidh bùth-obrachcoltach ri sin a ruith aig coinneamh Pàrlamaid Òigridh na h-Alba ann an Dàil Chèith. Cuideachd, ghabh Buill na Comataidh pàirt ann am buidhnean-fòcais còmhla ri tidsearan agus pàrantan ann an Dùn Phàrlain.

Ghabh a’ Chomataidh fianais bho phannalan luchd-fianais thairis air seachd coinneamhan Comataidh, sa Ghiblean agus sa Chèitean 2019. Faodaidh tu coimhead air na seachd coinneamhan Comataidh air seanail YouTube na Comataidh

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh taing mhòr a thoirt don a h-uile duine a thug am beachdan agus eòlas dhuinn gus cuideachadh a thoirt don rannsachadh seo.

Beagan cùl-fhiosrachaidh

Tha an “Ìre as Àirde” (Senior phase) a’ buntainn ri S4 gu S6. B’ e seo an eileamaid mu dheireadh den Churraicealam airson Sàr-mhathais (CfE) ri bhith air a cur an gnìomh. Fon t-siostam ùir seo, chaidh structar na h-àrd-sgoile atharrachadh bho mar a bha e roimhe, far an robh sgoilearan a’ stuidearachd ann an trì buidhnean de dhà bhliadhna (2+2+2), le cuspairean air an stuidearachd aig Ìre Choitcheann ann an S3 gu S4 agus aig Àrd-Ìre no Àrd-Ìre Adhartach ann an S5 gu S6. Fon t-structar ùr, bidh sgoilearan a’ stuidearachd Foghlam Farsaing Coitcheann ann an S1 gu S3 agus an uair sin Cùrsaichean Nàiseanta, a bharrachd air Àrd-Ìre agus Àrd-Ìre Adhartach, thairis air S4 gu S6.

An ceangal eadar diofar theisteanasan a rèir Frèam Creideas is Teisteanasan na h-Alba (SCQF).

Air feadh an rannsachaidh, bha feadhainn den luchd-fianais a’ cur cuideim air so-lùbachd structar na h-Ìre as Àirde mar aon de na neartan aige, agus gu bheil an curraicealam ùr nas fhreagarraiche do raon nas fharsainge de sgoilearan. Bha feadhainn eile a’ faireachdainn nach do dh’atharraich structar na h-Ìre as Àirde gu mòr idir.

Tha a’ Chomataidh a’ cur taic don fheallsanachd is do na prionnsapalan a tha air cùl a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais, ach tha iad den bheachd gun tàinig builean ris nach robhar an dùil às an dòigh san deach an Ìre as Àirde a chur an gnìomh.

Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba rannsachadh neo-eisimeileach a choimiseanadh air diofar mhodailean de churraicealam. Bu chòir don rannsachadh seo beachdachadh air na dh'fhiosraich sgoilearan, pàrantan is luchd-cùraim agus tidsearan gus cur ris an dàta.

Cunntachalachd agus Dàta

Bha a’ Chomataidh gu mòr airson tuigse fhaighinn air far an robh cunntachalachd a’ laighe airson coileanadh a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais. Bhon fhianais a chaidh a chruinneachadh, cho-dhùin iad gun robh siostam a’ cho-dhùnaidh ann am foghlam na h-Alba ag adhbharachadh troimh-a-chèile ann an cur an gnìomh poileasaidh

Fhad ’s a tha cunntachalachd airson coileanadh foghlam na h-Alba a’ laighe aig deireadh an latha le Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, Iain Swinney, bu chòir do Riaghaltas na h-Alba soilleireachadh a thoirt do na dreuchdan air leth a tha aig Foghlam Alba, Ùghdarras Theisteanas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail a thaobh taic a thoirt do sgoiltean gus an Curraicealam airson Sàr-mhathais a lìbhrigeadh, agus mar a tha cur-a-steach bho gach tè de dh’ìrean an t-siostaim air a mheas agus air a leasachadh.

An t-Amas aig S3

Ge b’ e dè an structar a thaghar airson a’ churraicealaim ann an sgoil sam bith, bha mòran a’ togail na ceiste a thaobh mar a thathar a’ cleachdadh S3 gus sgoilearan a dheisealachadh airson na h-Ìre as Àirde. Fon structar a bha ann roimhe, b’ e S3 a’ chiad bhliadhna anns am biodh sgoilearan air an deisealachadh airson teisteanasan, ach fon mhodail 3+3 tha S3 a-nis mar bhliadhna dheireannach den Fhoghlam Fharsaing Choitcheann mus dèanar speisealachadh ann an S4 agus air adhart.

A rèir feadhainn a thug fianais, ann an cuid de sgoiltean bithear a’ gabhail ùine ann an S3 gus deisealachadh a dhèanamh airson nan deuchainnean Nàiseanta ann an S4, ach bha feadhainn eile ag aithris gun robh S3 air fhaicinn mar “chaitheamh ùine” mus tòisicheadh air teisteanasan ann an S4.

Tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near gu bheil tidsearan agus sgoiltean air tòrr obrach a dhèanamh gus an cion co-leanailteis a lùghdachadh eadar am Foghlam Farsaing Coitcheann agus an Ìre as Àirde. Ach tha a’ Chomataidh a’ toirt fa-near gun deach an cion cunbhalachd seo adhbharachadh mar thoradh air duilgheadasan rè cur an gnìomh a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais, agus gu bheil duilgheadasan fhathast ann a thaobh dèanamh cinnteach gu bheil eadar-ghluasad nas fheàrr ann bho S3 gu S4.

Lèirmheas air an Ìre as Àirde

Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir lèirmheas neo-eisimeileach a dhèanamh den Ìre as Àirde. Bhiodh seo air leth bhon rannsachadh eile a tha a’ Chomataidh a’ moladh ann an àiteachan eile san aithisg seo.

Nàiseanta 4

Tha an teisteanas Nàiseanta 4 co-ionann ris an t-seann theisteanas aig Ìre Choitcheann, ach chan eil deuchainn bho thaobh a-muigh na lùib. Chuala a’ Chomataidh fianais gu bheil an cion deuchainn bho thaobh a-muigh “a’ cur ris an fhaireachdainn gu bheilear a' dèanamh dìmeas air na sgoilearan nach eil cho comasach” agus, a chionn ’s gum bi sgoilearan “air an cur sìos” bho Nàiseanta 5 gu Nàiseanta 4 an dèidh nan tùs-dheuchainnean (prelims), gum bi seo na chùis nàire orrasan a bhios a’ gabhail Nàiseanta 4.

Do dhaoine òga a tha air chur romhpa gun tèid iad gu colaiste an dèidh Nàiseanta 4 a choileanadh, chan eil e soilleir cho math ’s a bhios an teisteanas seo gan deisealachadh gus cùrsaichean colaiste a choileanadh.

Tha a’ Chomataidh a’ moladh, mar phàirt den lèirmheas den Ìre as Àirde, gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba obair còmhla ri Comhairle Maoineachaidh na h-Alba air chor ’s gum faod iad aithneachadh nan teisteanasan is cinn-uidhe a gheibhear le daoine òga a thàinig a-steach gu Foghlam Adhartach an dèidh dhaibh Nàiseanta 4 a choileanadh anns an sgoil.

Roghainnean aig Ìre as Àirde

An Àireamh de Chuspairean ann an S4

Bheachdaich a’ chiad phàirt de rannsachadh na Comataidh air an àireamh de chuspairean a thathar a’ stuidearachd ann an S4. Mus deach an structar ùr a thoirt a-steach, b’ urrainn do sgoilearan ochd cuspairean, mar chuibheas, a stuidearachd thairis air S3 agus S4. A-nis, mar chuibheas, bithear a’ stuidearachd sia no seachd cuspairean ann an aon bhliadhna ann an S4.

Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e follaiseach gun deach an àireamh de chuspairean a tha rim faotainn airson sgoilearan ann an S4 a lùghdachadh anns a’ chuid as motha de sgoiltean bhon a chaidh an Ìre as Àirde a thoirt a-steach agus gu bheil seo, ann am pàirt co-dhiù, ri linn an atharrachaidh ann an structar.

Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh gu bheil Foghlam Farsaing Coitcheann ann a-nis gu deireadh S3, agus gu bheil raon nas fharsainge de chuspairean agus slighean ann a-nis, ach uaireannan chan urrainn do sgoilearan a bhith a’ taghadh a h-uile cuspair a tha iad ag iarraidh.

Bochdainn agus ÀITEACHAN DÙTHCHAIL

Bha deasbad ann cuideachd air buaidh na bochdainne air an t-seòrsa foghlam a tha aig sgoilearan agus air an roghainn chuspairean.

Fhad ’s a tha taic thar-phàrtaidh ann airson a' bheàrn a dhùnadh a thaobh buileachadh far a bheil seo ceangailte ri bochdainn, ’s e cùis iomagain a tha ann gum bi àrd-sgoiltean ann an sgìrean bochda, a rèir rannsachadh acadaimigeach a rinneadh o chionn ghoirid, a’ tairgse raon nas cuibhrichte de chuspairean airson stuidearachd, agus gum bu dual ris na cuspairean sin a bhith, ann am beachd mòran, nas neo-acadaimigeach agus/no nas stèidhichte air dreuchdan.

Tha a’ Chomataidh a’ cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba agus air Foghlam Alba a’ chùis seo a sgrùdadh agus a ràdh càit a bheil cunntachalachd airson dèiligeadh ri seo a’ laighe aig an ìre nàiseanta. Bu chòir don bhuidhinn a gheibhear cunntachail air a shon a bhith ag obair còmhla ri sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail a dhèanamh cinnteach gu bheilear a’ dèiligeadh ris a’ chùis seo gu h-èifeachdach

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh gum bithear a’ beachdachadh air fuasglaidhean eile, leithid ullachaidhean co-bhanntachd (far am bi sgoilearan ag ionnsachadh chuspairean aig sgoiltean no colaistean eile) agus fuasglaidhean didseatach.

A’ bhuaidh air cuspairean àraid

A rèir tòrr den fhianais a fhuair a’ Chomataidh, gu h-àraid bho thidsearan, bidh cuspairean sònraichte a’ fulang anacothrom fon churraicealam ùr. Cho-dhùin a’ Chomataidh gu bheil Nuadh-chànanan gu h-àraid, a bharrachd air Cruinn-eòlas agus cuspairean STEM (Saidheans, Teicneòlas, Einnseanaireachd agus Matamataig) a’ fulang compàirteachadh nas ìsle.

Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh, cho luath 's a ghabhas, air mar a dh’fhaodar taic a thoirt don àireamh dhiubhsan a dh’fhaodas Gàidhlig a dhèanamh, gus an tèid stad a chur air an lùghdachadh ann an àireamh de sgoilearan Gàidhlig bho bhith fàs nas miosa.

Tha a’ Chomataidh airson Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba airson ìrean compàirteachaidh a sgrùdadh anns a h-uile cuspair bhon a chaidh an Ìre as Àirde a thoirt a-steach.

Ciamar a tha sgoiltean air a bhith a’ dèiligeadh ris a’ Churraicealam?

Cumhachdachadh

Bha a’ Chomataidh a’ cur fon phrosbaig cha b’ e dìreach an roghainn chuspairean a-mhàin ach an taic a bhios sgoiltean a’ faighinn gus na cuspairean seo a lìbhrigeadh. Cho-dhùin a’ Chomataidh, nan robhar a’ cleachdadh dòigh-obrach leithid “aon fhuasgladh air iomadh ceist” air feadh sgìre an ùghdarrais ionadail, nach biodh sin a’ cumhachdachadh sgoiltean gus cumadh a thoirt do churraicealam a bhiodh freagarrach ri feumalachdan an cuid sgoilearan. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air Co-chruinneachadh Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA) fiosrachadh a thoirt air mar a bhios na h-ùghdarrasan ionadail a tha a’ cleachdadh dhòighean-obrach den leithid sin a’ dèanamh co-chomhairleachaidh le sgoiltean agus le pàrantan is luchd-cùraim air chor ’s gum bithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil seo ag obrachadh airson a h-uile duine.

Bu chòir gun toirear beachdachadh sònraichte air daoine òga a tha a’ gluasad eadar sgoiltean far a bheil structaran diofraichte ann. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba rannsachadh a choimiseanadh air a’ bhuaidh air na toraidhean a gheibhear leis an òigridh sin.

Teagasg Iom-ìreach

Thàinig cùis chudromach eile am follais rè an rannsachaidh, agus b’ e sin teagasg iom-ìreach, far a bheil sgoilearan san aon chlas a’ stuidearachd a dh’ionnsaigh diofar ìrean de theisteanas san aon chuspair. Tha iomagain air a’ Chomataidh bhon fhianais a fhuair iad, a bha a’ sealltainn, a rèir coltais gu bheil barrachd teagasg iom-ìreach ann a-nis.

Ged a dh’aithnich a’ Chomataidh gum faodar teagasg iom-ìreach tachairt airson deagh adhbharan, tha iad den bheachd nach bu chòir dha a bhith air a chleachdadh mar fhreagairt ri duilgheadasan stòrais. Gus cuideachadh a thoirt do sgoiltean agus gus stèidh air choreigin a thoirt airson teagasg iom-ìreach a chleachdadh, tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir do dh'Fhoghlam Alba agus an SQA a bhith ag obair còmhla gus cuspairean a chomarrachadh far an gabhadh teagasg iom-ìreach dèanamh.

Àireamhan Luchd-teagaisg

B’ e luchd-obrach cuspair eile a chaidh a thogail gu tric leothasan a thug fianais don Chomataidh. Faodaidh an àireamh de luchd-teagaisg buaidh a thoirt air roghainn chuspairean a chionn ’s gum bi tidsearan, far nach eil gu leòr luchd-obrach anns an sgoil, air an stiùireadh gu clasaichean Ìre as Àirde, agus mar sin bidh seo a’ toirt buaidh orrasan a tha ann an S1 gu S3.

Fhad ’s a tha e soilleir gum bu chòir don àireamh de luchd-obrach a bhith fhathast na h-uallach air ùghdarrasan ionadail, bha modh-obrach Foghlam na h-Alba a thaobh dàta air àireamhan luchd-teagaisg na chùis cùraim don Chomataidh. Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir do dh'Fhoghlam Alba obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus ri COSLA gus dòigh-obrach iomchaidh a dhealbhadh gus an dàta a chaidh a chruinneachadh le Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail a chleachdadh. Bidh seo a’ toirt gu buil tuigse nas fheàrr air far a bheil duilgheadas le fastadh agus le glèidheadh thidsearan.

Bha e na chùis cùraim don Chomataidh cuideachd gun robh cuid a sgoiltean a’ tionndadh gu taic bho ghnothachasan is luchd-fastaidh gus beàrnan-teagaisg a chòmhdachadh.

Ullachaidhean Co-Bhanntachd

Bidh mòran sgoiltean a’ cleachdadh siostaman a tha a’ leigeil le sgoilearan a bhith a’ siubhal gu sgoiltean eile gus teisteanasan a ghabhail fhad ’s a tha iad fhathast air an clàradh aig an “sgoil dhachaigh”. Dhe na sgoiltean a fhreagair suirbhidh cheannardan-sgoile, dh’aithris 97 sa cheud dhiubh gun robh iad a’ co-obrachadh còmhla ri colaistean gus cùrsaichean a thairgse.

Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh nan oidhirpean a rinneadh le sgoiltean agus le ùghdarrasan ionadail gus clàran-ama a cho-thaobhadh, nì a tha a’ leigeil le sgoilearan cùrsaichean a ghabhail aig colaistean no sgoiltean eile, ach tha iomagain air a’ Chomataidh gum faod cnapan-starraidh a bhith ann a bhacas sgoilearan bho bhith a’ faighinn cothrom air cùrsaichean aig a’ cholaiste as fhaisge orra ma tha a’ cholaiste sin ann an sgìre ùghdarrais ionadail eile.

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ toirt fiathachadh do ChOSLA a ràdh mar a bhios ùghdarrasan ionadail a’ toirt fa-near dè a’ bhuaidh a thig bho ullachaidhean co-bhanntachd air sgoilearan.

A’ cur fios gu Pàrantan is Luchd-cùraim

Bha mar a bhios fiosrachadh air roghainn chuspairean ga thoirt gu pàrantan is luchd-cùraim na chuspair eile air an an robh a’ Chomataidh a’ cnuasachadh gu domhain. A rèir na h-àireimh de fhreagairtean a fhuair a’ Chomataidh bho phàrantan is luchd-cùraim, tha faireachdainnean làidir air a’ chùis seo.

Tha a’ Chomataidh a' brosnachadh nan sgoiltean is ùghdarrasan ionadail uile a bhith a' beachdachadh a bheil am fiosrachadh a tha iad a’ toirt seachad ur air a dheagh sgrìobhadh agus air a thoirt seachad ann an deagh àm, air chor ’s gum bi cothrom aig pàrantan is luchd-cùraim a thuigsinn, agus còmhradh a dhèanamh air leis an cuid chloinne, mus bi roghainn chuspairean a’ tachairt.

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ moladh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt do ChOSLA agus ùghdarrasan ionadail ann an iomairt nàiseanta, ag amas air pàrantan is luchd-cùraim agus luchd-fastaidh, gus an siostam ùr a mhìneachadh.

Thathar a’ toirt taing don h-uile duine a thug fiosrachadh agus beachdan dhuinn. Faigh an cunntas as ùire a thaobh naidheachdan agus cothroman gus pàirt a ghabhail tro bhith a’ leantail na Comataidh air Twitter.

Dlighe-foillseachaidh SPCB