Coimisean air Art-leasachadh Parlamaideach Do Pharlamaid Do Ghuth

Ro-ràdh

Tha a’ Phàrlamaid air mòran a choileanadh anns a’ chiad 18 bliadhna aice. Tha i a-nis air tighinn gu ìre mar bhuidheann, aig a bheil làn thaic a’ phobaill. Tha an t-àm ann a-nis coimhead ris an àm ri teachd, a bhith a’ toirt fa-near soirbheas na Pàrlamaid gu ruige seo agus a bhith a’ togail air eisimpleirean de dheagh chleachdadh air chor ’s gum bi i cho èifeachdach ’s a ghabhas agus i a’ gabhail ri dleastanasan ùra.

Nuair a thug an t-Oifigear Riaghlaidh dhuinn fiathachadh lèirmheas a dhèanamh air obair na Pàrlamaid, bha mise agus mo cho-luchd-obrach air a’ choimisean mothachail gum b’ e am prìomh uallach againn a dhèanamh cinnteach gum biodh a’ Phàrlamaid uidheamaichte a choinneachadh ris na dùbhlain ri thighinn. Tha an obair againn air dearbhadh dhuinn gu bheil feum ann airson ath-leasachaidhean a chur an gnìomh gu clis.

Clì gu deas - Ball a’ Choimisein Iain Ó Finnaí (Finnie) BPA a’ cluinntinn bho mhuinntir Inbhir Nis, Iain MacCarmaig (Cathraiche) a’ cur fàilte air daoine aig tachartas a chaidh a chumail le Inclusion Scotland, agus coinneamh fhoirmeil den Choimisean.

Tha na molaidhean againn ag amas air èifeachdas agus comas na Pàrlamaid a mheudachadh mar sheòmar singilte, taghte aig a bheil earbsa anns na prionnsabalan bunaiteach aice. Air an gabhail còmhla, tha iad a’ co-neartachadh àite nan comataidhean is àite an t-seòmair a thaobh reachdas a sgrùdadh agus an Riaghaltas a chumail cunntachail, agus tha iad ag amas air com-pàirteachadh poblach air feadh na dùthcha a leasachadh.

Tha sinn ag aithneachadh gum bi na cumhachdan a bharrachd a’ sìneadh nan goireasan a tha aig a’ Phàrlamaid an-dràsta, ach tha sinn a’ creidsinn nach biodh e reusanta a bhith a’ moladh dara seòmar, no meudachadh ann an àireamh nam BPA, mura tèid a shealltainn gu bheil a’ Phàrlamaid a-cheana ag obair aig uas-mheud èifeachdachais. Tha sinn air molaidhean a dhèanamh air mar a dh’fhaodadh seo a bhith air a dhèanamh.

Iain MacCarmaig

Cathraiche

Bho chlì gu deas: Coinneamh aig a’ Choimisean ann an Inbhir Nis, Iain MacCarmaig (Cathraiche) a’ bruidhinn aig coinneamh aig Seanadh Seann Daoine na h-Alba is aig a’ choimisean ann an Gala.

Geàrr-chunntas na aithisge

A’ siubhal air feadh na dùthcha, chuala sinn gu bheil bheil spèis mhath ga toirt don Phàrlamaid. Bho 1999, tha i air deagh adhartas a dhèanamh air lìbhrigeadh an amais gum biodh i fosgailte, com-pàirteachail, a’ roinn chumhachdan agus cunntachail, le co-ionannachd cothroim don h-uile duine. Dh’fhaodar barrachd a dhèanamh, ge-tà, gus an t-amas sin a choileanadh.

Anns an aithisg againn, tha sinn a’ dèanamh mòran mholaidhean mionaideach a bhiodh a’ lìbhrigeadh, nan robh iad uile air an cur an gnìomh, leasachaidhean cudromach ann an èifeachdas na Pàrlamaid. Gu cudromach, faodaidh na h-atharrachaidhean seo a bhith air an dèanamh anns an t-seisean sa, nuair a dh’fhaodadh, tha argamaid ann, a’ Phàrlamaid a bhith a’ cur aghaidh ris an dùbhlan as motha a bh’ aige riamh a thaobh sgrùdaidh.

PÀRLAMAID NAS TREASA A’ DÈANAMH CONALTRADH RI POBALL NA H-ALBA

Bho chlì gu deas: Buill a’ Choimisein John Edward, Ceitidh Burke MSYP, Pam Duncan-Glancy, Fiona NicLeòid, Geoff Mawdelsy agus an Dr Fìor Urramach Lorna Hood.

Bhiodh na molaidhean againn a’ lìbhrigeadh:

• Barrachd sùbailteachd agus deòntas ann an gnothaichean an t-seòmair, a’ cur ri cothroman com-pàirteachaidh ann an deasbadan agus a’ meudachadh cunntachalachd nam Ministearan;

• Pròiseas de sgrùdadh reachdais nas fheàrr, le sgrùdadh ro-reachdail is eàrr-reachdail agus cruthachadh Buidheann airson Inbhean Reachdail;

• Comataidhean nas lugha agus nas treasa, air an stiùireadh le luchd-gairm taghte leis a’ Phàrlamaid gus an neo-eisimeileachd is an smachd aca a chomharrachadh, a bhiodh na bu chomasaiche air buaidh a thoirt air a’ chlàr-ghnothaich, seach a bhith dìreach a’ freagairt ris an Riaghaltas;

• Pàrlamaid nas èifeachdaiche, a’ leigeil le comataidhean agus an seòmar coinneachadh aig an aon àm agus a’ dèanamh feum nas fheàrr de ruitheam na bliadhna pàrlamaidich;

• Àite meudaichte airson nam BPA fa leth a bhith a’ toirt buaidh air, agus a’ cur ri, gnothaichean pàrlamaideach, agus iad air am brosnachadh a bhith nam pàrlamaidich air thùs is air thoiseach;

Bho chlì gu deas: Iain MacCarmaig agus Fiona NicLeòid agus iad a’ coinneachadh ri Labhraiche Taigh-riochdairean Shealain Nuaidh, am Fìor Urr Daibhidh Carter, Tachartas aig a’ choimisean le daoine a bha uair nam BPA, agus Iain MacCormaig agus Seonag NicLaomainn BPA a’ coinneachadh ri daoine a tha a’ gabhail pàirt ann an sgeama grèis-gnìomhachas Co-bhanntachd airson Co-ionnanachd Cinnidh is Còraichean (Coalition for Racial Equality and Rights - CRER).

• Àite nas treasa airson an Oifigeir Riaghlaidh a stiùireadh ghnothaichean pàrlamaideach agus a dhèanamh cinnteach gu bheil sgrùdadh èifeachdach, cunntachalachd agus deasbad ann;

• Sealladh ath-nuadhaichte airson Pàrlamaid a tha co-ionann agus iom-dhòigheach, le comharraidhean-beinge airson trusadh BPA bho bhuidhnean gun an riochdachadh iomchaidh, fhad ’s a thathar a’ dèanamh cinnteach gu bheil cùisean iomadachd a’ fàs gu bhith nam pàirt nas siostamataigeache de sgrùdadh;

• A’ fàs mar cheannard ann an conaltradh poblach, a’ feuchainn dhòighean ùra gus beachdan is fianais a thional agus a’ cruthachadh tuilleadh chothroman airson daoine a bhith a’ gabhail pàirt, far as àill leotha agus mar as àill leotha;

• A’ toirt tuilleadh taic do chomataidhean, am measg nithean eile le bhith a’ cruthachadh Aonad Conaltradh nan Comataidhean;

Bho chlì gu deas: Jackson Carlaw BPA a’ bruidhinn aig tachartas aig a’ Choimsean ann an Inbhir Nis, Ball a’ Choimisean Boyd Robasdan a’ cluinntinn bho dhaoine aig tachartas ann an Slèite, agus Ceitidh Burke MYSP a’ cluinntinn bho sgoilearan ann an Acadamaidh Ghala.

• Ag obair le daoine òga gus barrachd eòlas air a’ Phàrlamaid a bhrosnachadh, a’ togail nan cnap-starraidhean a tha a’ bacadh dhaoine bho thuigsinn dè tha a’ Phàrlamaid a’ dèanamh agus a’ gabhail brath air teicneòlasan didseatach gus conaltradh a leasachadh le daoine air feadh na dùthcha;

• Sgrùdadh agus measadh nas èifeachdaiche de dh’obair na Pàrlamaid, le fios air ais dhaibhsan a tha a’ gabhail pàirt, air chor ’s gun toirear gu buil leasachadh agus conaltradh a chumas a’ dol.

Faodaidh tu an aithisg iomlan a leughadh air an làrach-lìn againn.

Report Abuse

If you feel that this video content violates the Adobe Terms of Use, you may report this content by filling out this quick form.

To report a Copyright Violation, please follow Section 17 in the Terms of Use.